cho buidhe is a bha i riamh - runrig lyrics
tha an rathad a’ ruith gu tuath
gleanntan sgapte air gach taobh
a’ ghrian tro ghiuthas nam mòr shliabh
saighdean òir dhar leòn an àgh
thuirt m’anam rium “nach tèid thu null
cuir eallach ‘s cruaidh-chàs air do chùl
‘s gun cuir an t-àite seallach fàilte oirnn
is bi mi còmhla riut an-dràst”
sunndach a tha mi
tron oighreachd bhòidheach, bhòidheach bhuan
bha thu daonnan na mo smuain
tro làithean ìseal ‘s bristeadh-cridh’
tog orm mo chiall, tog orm mo bhith
le cridhe aotrom, cridheil ciùin
a’ liuthad cuan a ghiùlan do dhaoine
is iad a’ triall na slighe bhuat
‘s ged tha an saoghal dol bun os cionn
is astar bhliadhnachan tighinn oirnn
‘s ged tha mo dhùil ag èirigh suas
is iomadh sgùrr a bhios fo sgleo
tha na siantan liath, ‘s na siantan blàth
le blàths cho diamhair is nach gabh e inns’
‘s tha ‘n lus tha fàs air croit dhòmhnaill bhain
cho buidhe ‘n-diugh ‘s a bha i riamh.
Random Song Lyrics :
- what’s killing our culture? iii: ignoring the illness - thehypemvmt lyrics
- laurie horror - ndgo lyrics
- lewak do odstrzalu remix - mr. hash lyrics
- ce qu'il te faut - maxx jr lyrics
- blender - mate lyrics
- (houd uwe) kanneke - laïs (belgium) lyrics
- rolé de camelim - de leve lyrics
- i've got no strings - gipsy kings lyrics
- planting weeds - departures lyrics
- horseradish - youngboy cakin lyrics