![lirikcinta.com](https://www.lirikcinta.com/statik/logonew.png)
an ròs - runrig lyrics
ged ‘s brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda
fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh’
na buain e ri’d mhairean oir nì e do mhealladh
tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.
chreid mi na briathran, a h-uile nì riamh dheth
gur brèagha ‘s gur cùbhraidh, cùbhraidh am blàth
bhuain mi am flùran, mar adhamh an ùbhlan
‘s leònadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth.
tha mi nis a’ crìonadh is m’inntinn air phianadh
‘s mo shùilean a sìor, sìor shileadh dheur
‘s ged ‘s tric rinn mi gàire, tha sin nis air an fhaire
‘s mo chridhe briste brùite, briste brùite gu leòr.
ged ‘s brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda
fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh’
na buain e ri’d mhairean oir nì e do mhealladh
tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.
Random Song Lyrics :
- take the skinheads bowling - custard lyrics
- fly - killerbee_official lyrics
- the leash - great deceivers lyrics
- la bendición - canciones religiosas lyrics
- breaking down - the jellybricks lyrics
- the one i love - the hydrojets lyrics
- hotel roma - il vento dell'ovest lyrics
- riven - highways - riven lyrics
- issa no (375 flow) - moneybagg yo lyrics
- hunnit - rappin' mitch lyrics