laoidh fhearchair eoghainn - karen matheson lyrics
s iomadh fear bòidheach
‘s an fhraing air a’ chòmhnard
tha’n am parantan brònach
agus leòinte air an sgàth
nach fhaic iad ri’ m beò iad
gun cruinneachar iad còmhla
‘ bi fearchar beag eòghainn
‘s an dròbh a*measg chàich
gur mòr a bha dhùil àm
ri’d fhaicinn ‘s an dùthaich
is gàire air do ghnùis
on dh’fhairich thu cùisean*
nach tig thu gam ionnsaigh
bhon dh’fhàillig a’ chùis ort
mo bheannachd a*null
dhan an ùir is bheil thu cnàmh
‘se dh’fhàg mi cho cianail
bhi cuimhneachadh d’iomhaigh
do ghruaidhean bha brèagha
agus sgiamhach le càch
nach fhaic mi gu siorraidh
air sàilleabh an dìocail
am mòr*fhear ‘gar h*iarraidh
chuir ceudan gu bàs
ach sguiridh an càisear
dha innleachdan gleusda
tha balaich ‘na dhèidh
chuireas e ann an sàs
nuair shuidheas na treumhan
‘s an cinn chuir ri chèile
bi litir ‘s a’ phàipear
‘ga leughadh ma bhàs
ged dh’ fhàg iad an dhiochuimhn’
gun fhios dè bu chrìoch dhut
chan fhàgar le dia thu
nuair dh’iarrar thu n’àird
gun èirich le iomhaigh
mar chunna’ mi riamh thu
bidh do nàimhdean le fiamh
a’ toir fianais mu’d bhàs
na bithinn*sa dlùth dhut
nuair thàrr iad ‘gad ionnsaigh
le gunna nach dùbailt
is e ùr na mo làmh
bhiodh preasadh air fùdar
fo bheugaileid rùisgte
mas faicinn thu rùin
is do chùl ris an làr
Random Song Lyrics :
- orlando - 444vegaa lyrics
- born to boogie - steve watson lyrics
- lay me down slowly - love val lyrics
- all she said - white town lyrics
- statue - the blonde bitch in the back lyrics
- journey - deco*27 lyrics
- yeshua - kristian mecha lyrics
- purple blossoms - hillodark lyrics
- dorian - not of man lyrics
- long story short - rome streetz lyrics