lirikcinta.com
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

turas san lochmor - julie fowlis lyrics

Loading...

an nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
gu falbhainn dh’aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan gall
le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann –
gum bithinn aig bliadhn’ ùir ann ‘s gun chùmhnadh air an dram

diciadain dh’fhalbh mi casruisgt’ le mo bhagaichean nam dhòrn
a’ dol a loch nam madadh ghabhail aiseag san lochmor;
bha fuachd na mo chasan-sa ‘s bha sneachd’ air bhàrr nan lòn ‑
cha dìochuimhnich mi ‘n t‑allaban cho fad’ ‘s a bhios mi beò

nuair ràinig mi a’ cheàrdach, àrdach duine chòir
a thug a‑staigh gun dàil mi ‘s a nochd dhomh càirdeas mòr
thug dhomh tì a b’ fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑
gu seasainn fuachd nuair dh’fhàg sinn le mo chaiseart blàth ‘s lem chòt’

nuair dh’fhalbh an carbad-ola leinn ‘s ar n‑aghaidh thoir dhan tuath
bha sinn greis an cearsabhagh a’ blasad air stuth cruaidh;
gun tàinig bean na maise ‘s am muir geal oirre mun cuairt
‘s chanainn fhìn gum b’ amadan a rachadh innt’ air chuan

nuair thog i mach gu farsainneachd, ‘s sinn airsnealach is sgìth
nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
bha mise mar bha càch, le spàirn orm a’ strì ‑
an drama dh’òl mi ‘n cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn

on ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b’ fheàrr
bha sinn uil’, oir b’ fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn ‘s am muir a’ sgailceadh àrd
bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth

b ‘e siud an oidhche ànranach a bh’ againn anns a’ bhàt’
ach ràinig sinn loch baghasdail le dìon an tì as àird;
thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a’ bhàt’ ‑
chan fhanainn‑sa na b’ fhaid’ innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!

fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir
aig maiseig ruadh, ‘s mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs’:
guma fada slàn i, oir ‘s bàidheil i na dòigh
gu gabhail ro aon ànranach a dh’fhàgadh an lochmor

mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
a‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs’
is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an lochmor!

Random Song Lyrics :

Popular

Loading...