ged a sheol mi air m' aineol - julie fowlis lyrics
ged a sheòl mi air m’ aineol
cha laigh smalan air mi’ inntinn
ged a sheòl mi air m’ aineol
‘s ann à boston a sheòl sinn
dol air bhoidse chun na h-ìnnsinn
rinn sinn còrdadh ri captain
air a’ bhàrc a bha rìomhach
trì latha roimh na nollaig
thàinig oirnn an droch shìde
shèid i cruaidh oirnn le frasan
‘s clachan mheallain a bha millteach
cha robh ròpa ‘s cha robh òirleach
nuair a reoth ann nach robh trì ann
chaill sinn craiceann ar làmhan
bha ar gàirdeanan sgìth dheth
cha còignear nan seasamh
‘s bha seachdnar nan sìneadh
trì latha is trì oidhche
‘s mi ri chuibhle ri droch shìde
nuair a labhair an captain
“illean tapaidh na dìobraibh
nuair a ruigeas sibh cala
bidh ur drama dhuibh cinnteach
tha lionn-diubh aig mo mhàthair
is dùil aic’ nach till mi
Random Song Lyrics :
- suerte (en directo) - paty cantú lyrics
- eimai sto mood - dolly vara lyrics
- больше (more) - offmi lyrics
- purple - eeleya phoon lyrics
- xana é bom pra mente - mc simon lyrics
- горы (mountains) - ёлка (yolka) lyrics
- remember me - image lyrics
- kid from illinois - kurby lyrics
- on gawd - m.j. ghost lyrics
- thank yo mama (demo) - malachiae warren lyrics