aodann srath bhàin - capercaillie lyrics
‘s mi ri imeachd nam aonar
anns an òg-mhadain mhàigh
feadh lèantaichean uaine
mar fhear-fuadain gun stàth
nuair a chunnaich mi a’ ghruagach
an taobh shuas dhiom a’ tàmh
‘s i ri nigh’a cuid aodaich
mach air aodann srath bhàin
an sin dhìrich mi suas
far ‘n robh gruagach mo ghràidh
is labhair mi rithe
gu sìobhalta tlàth
“tha bliadhn’agus còrr
bhon a thòisich an gràdh
is ma bhitheas tu deònach
nì sinn pòsadh gun dàil”
“gu pòsadh, gu pòsadh
ro òg tha mi ‘n dràsd’
gu bheil teang’aig do sheòrsa
dhèanadh fògradh ‘s gach àit
gum biodh m’athair ‘s mo mhàthair
gam chàineadh gu bràth
nam pòsainn do leithid
o fhleasgaich gun stàth”
ach a nìonagan òga
tha gun phòsadh ‘s gach àit’
na diùltaibh fir òga
le mòrchuis no tàir
nach muladach dhòmhsa
bhith gun phòsadh gu bràth
‘s fheudar fuireach nam aonar
mach air aodann srath bhàin
Random Song Lyrics :
- traffic21 - nowmkill lyrics
- go back to venusfort - ヒトリエ (hitorie) lyrics
- listen - goldlove lyrics
- affection is nice - porkboii lyrics
- space cadets - harvey william mason lyrics
- siebe mal herz - siebe mal schmerz - beatrice egli lyrics
- pumped up kicks - banda munich lyrics
- cuarentena [parte 1] - g bassboy lyrics
- give me a call - charlie ames project lyrics
- one more night - light gun fire lyrics